Giorrachaidhean: GA – Gàidhlig a-mhàin; DCGB – Dà-chànanach, Gàidhlig/Beurla;
DCGG – Dà-chànanach, Gàidhlig/Gaeilge; DCGA – Dà-chànanach, Gàidhlig/Albais

Cruinneachaidhean Bàrdachd
An cruinneachadh as ùire, air a sgrìobhadh còmhla ri Mark O. Goodwin, Dà Thaobh a’ Bhealaich / The Two Sides of the Pass (DCGB), Two Ravens Press, 2009, ISBN 978-1-906120-47-4
Breac-a’-Mhuiltein, rogha dhàn 1974-2006, DCGG, Coiscéim, Baile Átha Cliath, 2007
Ri fhaotainn bho www.coisceim.ie
(Tha Breac-a’-Mhuiltein a’ toirt còmhla dàin bho na còig cruinneachaidhean a leanas cuide ri dàin às ùr: Eileanan , GA, 1980; Bailtean, DCGB, 1987; A’ Càradh an Rathaid, DCGG, 1988; A’ Gabhail Ris, GA, 1994; Saoghal Ùr, GA, 2003.)
Bàrdachd Chloinne
Blasad de Aesop, GA, Seahorse, Tobar Mhoire, 1991
Cruinneachaidhean (le grunn math dhàin annta)
An Aghaidh na Sìorraidheachd, DCGB, (ochdnar bhàrd), Polygon, Dùn Èideann, 1991
Scotland o Gael an Lowlander, (ceathrar bhàrd), DCGA, Gairm, Glaschu, 1996
An Tuil, DCGB, Polygon, Dùn Èideann, 1999
Taghadh beag de bhàrdachd sean agus ùr.
Anns a’ Mhonadh
Aon latha nam shuidhe sèimh,
chunnaic mi rathad dearg
ag èirigh às a’ mhonadh ghorm
’s a’ dol à fianais gun fhios.
Cò ghabhas an rathad sin
a bhuilicheas beatha à fuil
gu mullach na gualainn thall
thar bàn-ghleann an fhacail.
(Bha muir ball-fhianaiseach shìos
le gàireachdainn fann magaidh
–ise gun cheum, gun fhacal,
còmhnard a h-uachdar ’s a duan).
Ach b’ e mo mhiann an rathad
a bhriseas ’s dòcha an cridhe,
is leum mi gu coiseachd le sunnd,
a’ faicinn an dust ’s an ùir,
a’ pògadh an smùir na mo làimh
–làraich nam bàrd a dh’fhalbh.
’S thàinig thugam an fhìrinn ud
am meadhan na sìth-chainnt
–cha radha bàrdachd ach bith.
|
|
Eileanan
Eileanan ag èirigh
às a’ chuan,
am bunaitean falaichte
ann am fiosraichidhean cèin’.
Tha eileanan ann an tìm, ’s iad às,
nan treòraichean dhan ànrach,
no meòrachadh air tìm nach till air ais.
Tha feadhainn ann a tha suidhichte,
àrd is dubh ann am meadhan na tuil’.
Cha ghluais an doineann an staid chruthaichte.
Is feadhainn le àmhghar làbha is pronnaisg,
leanabanan mara nan cridheachan sract’.
Is eileanan deighe fuar ghluasad anns an uisg
'.
Seasaidh cuid gun ghuth a radha,
aonaranach
– am broinn a-staigh na creig –gun iad a’ gèilleadh do theas an latha.
Tha thusa nad eilean anns a’ chamhanaich
deibhinne, dorcha, diùltach,
do bhunaitean ann an tìm a theich.
Agus mise aig dòl sìos na grèine,
eilean a’ coimhead air eilean eile.
Fàgaidh mi agaibhse ur dealbhadh fhèin.
|
|
Mo Bhaile A-nochd
’S tusa mo bhaile a-nochd
’s cha bheag an t-iongnadh do sholais,
blàth-dheàrrsach ann am fàsach a’ mhonaidh.
Àrd os cionn sràid na mara
èiridh do shràidean eile,
sràidean mar bhrat cas-shocrach,
’s fairichidh mo làmhan do shlighean,
’s fairichidh mo chridhe do chridhe.
Coille is craobh eadar na ceuman,
nì iad èirigh air na mullaich
’s bidh na tulaich bog le còinnich
’s bidh a’ chòinneach le braon.
’S tusa am baile tha soilleir,
baile beag an cois na tuinne,
baile dìomhair mo ghaoil dhut,
baile tràigh is baile talaimh,
baile nan cìoch a tha caoin,
baile a thogas mi bhuam fhìn
’s a chumas sinn paisgte mar aon.
Nuair thogas tu do sgiort samhraidh
nì mi dannsa air do raon,
is dìridh sinn na steapaichean
an àirde o bheul na mara
gus am bi sinn os cionn an t-saoghail,
is chì mi thu nad laighe shìos
mar dhaoimean anns a’ chaol.
Eadar
Lagh agus Gàire
Tha an dàn seo gun nàire
a’ coiseachd na h-oir eadar lagh agus gàire,
a’ fas mar chraoibh ann an solas na grèine,
na duilleagan a’ dannsa far an fheàrr leo,
’s stoc a’ fàs
far an èiginn:
e fàs sa bheàrn eadar lagh agus saorsa
agus fios againn nach eil ann an saorsa ach seo:
na laghan sin tha am falach o dhaoine.
’S mu dheireadh thig sinn gun cho-dh
ùnadhgu bheil sgàile aineolais air ar sùilean.
|
|
Thar na Starsnaich
Thar na starsnaich
le sunnd, le aighear,
airson gum faca mi boillsgeadh beag
dhen ghrian tro na cùirtearan.
Tha mi a’ dol air an t-slighe
le teagamh, le eagal,
airson nach eil mi cinnteach dè tha romham,
no air mo chùlaibh
ged a chunnaic mi aiteal òir air a’ bheinn mhaireannaich.
O iodhalan boga na cluasaig!
Tha mi a gabhail slàn leibh
gu sunndach, le teagamh, le deòir
airson cho ceàrr ’s a bha mi cho fada,
airson nan làithean stròdhail,
airson nan cuibhrigean blàth, mea
llta.O, a chridhe lèirsinnich!
O, a chridhe shalaich, chealgaich!
Tha thu air do mharbhadh le ìobairt,
air d’ fheannadh le sgian na maidne.
Ach theirig thar na starsnaich, na seall air ais
dhan dachaigh bhlàth, chofhurtail
no ris na ballachan dìonach.
Tha thu a-muigh anns an t-solas;
tha na beanntan ag èigheach;
tha na fàsaichean iongantach fad chomhair;
tha na reultan sìorraidh a’ spreadhadh an cuid
driùchd ort,iad co-shìnte ris a’ chòmhnard shuthain.
O, iongantais! O, iolaich! O, a mhìorbhail neo-chrìochnaicht!
|
|